This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
An Staran — còmhdach

An Staran

Le Derick Thomson, Petra Johana Poncarová agus Ruaraidh MacThòmais

£12.00

Rim faighinn

Air a' Gheàrr-liosta aig Duais Leabhar na Gàidhealtachd 2025

Shortlisted for the Highland Book Prize 2025

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, a h-uile sgeulachd ghoirid a dh’fhoillsich MacThòmais agus a chaidh lorg gu ruige seo, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.


Neo-fhicsein as Fheàrr (Duais Dhòmhnaill Meek) aig Duaisean Litreachais 2025!

272 duilleag, Paperback

Fiosrachadh

Cruth
Clò-bhog
Cànan
Gàidhlig
ISBN
978-1-78907-170-2
Còd bathair
1702

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig