This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

An Luchd-obrach

An sgioba beag a bhios a’ dealbhadh agus a’ postadh leabhraichean Acair bho Steòrnabhagh.

Dealbh de Marie Diùc

Marie Diùc

Manaidsear

‘S e Sgitheanach a th‘ ann am Marie, ged a tha i air a bhith ann an Leòdhas a cheart uidhir de bhliadhnaichean a-nis. Tha i air a bhith ag obair ann an diofar dhreuchdan Gàidhlig o chionn 20 bliadhna agus ùidh mhòr aice ann an goireasan gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a‘ leughadh sa Ghàidhlig.

Dealbh de Mairead Anna NicLeòid

Mairead Anna NicLeòid

Dealbhachadh agus Priont

Tè nan dealbhan agus an dealbhachaidh. Thòisich Mairead Anna aig Acair ann an 1993 agus tha i os cionn chùisean a thaobh dealbhachaidh, cruth nan leabhraichean agus obair-ealain. Bidh i cuideachd ag obair gus ar càirdeas le na clo-bhualadairean a neartachadh.

Dealbh de Sandra NicRath

Sandra NicRath

Oifigear Ionmhais

Bidh Sandra ag obair gu mionaideach gus Acair a chumail a‘ dol bho thaobh an ionmhais. Bidh sinn a‘ dèanamh ar dìchill gus feuchainn ri a cumail toilichte!

Acair

Acair, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 457 tiotalan

© 2026 Acair. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig