This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
Somhairle MacGill-Eain - Na Bhriathran Fhèin — còmhdach

Somhairle MacGill-Eain - Na Bhriathran Fhèin

Le Iseabail NicGill-Eain, Jo NicDhòmhnaill, Màiri Sìne Chaimbeul, Somhairle MacGill-Eain agus Sorley Maclean

£16.95

Rim faighinn

A-NIS RI FHAIGHINN!

Chithear eisimpleir den leabhar .

Na bhriathran fhèin, ann an Gàidhlig, tha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a’ bruidhinn mu na daoine agus na h-àiteachan a thug buaidh air a bheatha agus a bhàrdachd. Tha e a’ bruidhinn air cànan, eachdraidh, poilitigs, cogadh agus gaol, cuspairean cudromach na bheatha. Tha an leabhar sònraichte seo stèidhichte air agallamhan a rinneadh leis san dàrna leth dhe bheatha, is e a’ beachdachadh air iomadh cuspair, nam measg na h-òrain agus a bhàrdachd a chuala e san teaghlach aige fhèin agus sa choimhearsnachd ann an Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach.

Tha eisimpleirean dhiubh pailt san leabhar, mar a tha eisimpleirean den bhàrdachd aige fhèin. Tha iomadh dealbh ann de theaghlach Shomhairle, a shinnsearan, a cho-aoisean agus tachartasan aig an robh e, le dealbhan àlainn de chruthan-tìre Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich a thogadh le mac a bhràthar, Cailean MacIllEathainn. An cois an leabhair, tha CD de dh’òrain a bha measail san teaghlach air an seinn le nighean Shomhairle, Catriona NicDhòmhnaill.

Fiosrachadh

Cruth
Clò-bhog
Cànan
Gàidhlig
Meud
300 duilleagan
ISBN
978-1-78907-145-0
Còd bathair
1450

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig