
Doras Gun Chlàimhean
Le Murchadh MacPhàrlain agus Murdo MacFarlane
£20.00
Rim faighinnLonglisted for the 2022 Highland Book Prize
Seo a’ chiad cho-chruinneachadh dà-chànanach de dhàin is òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, à Leòdhas a chaochail ann an 1982. Ann an Doras gun Chlàimhean gheibhear bàrdachd air cogadh agus eilthireachd, dùthchas agus dualchas, cho math ri cànan agus feallsanachd, le beagan fealla-dhà a’ togail ceann bho àm gu àm; tha a’ mhòr-chuid den bhàrdachd air eadar-theangachadh dhan Bheurla airson a’ chiad uair. Cuideachd anns an leabhar airson a’ chiad uair, tha cruinneachadh de sgrìobhaidhean eile leis a’ bhàrd; seanchasan agus litrichean, anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Cluinnear guth sònraichte a’ bhàird a’ seinn taghadh de na h-òrain aige air clàr a tha an cois an leabhair.
Tha Doras gun Chlàimhean gu làidir a’ daingneachadh cliù Mhurchaidh MhicPhàrlain mar bhàrd, mar sheanchaidh agus mar fhear-coiteachaidh na Gàidhlig san fhicheadamh linn. Is iomadh ulaidh luachmhor a tha a’ feitheamh air gach neach a thèid tro dhoras phrìseil Bàrd Mhealaboist.
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-cruaidh
- Cànan
- Dà-chànanach
- Meud
- 460 duilleagan
- ISBN
- 978-1-78907-122-1
- Còd bathair
- 1221