This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
FEUCH FICSEAN - Soraidh Slàn le Hallaig — còmhdach

FEUCH FICSEAN - Soraidh Slàn le Hallaig

Le Maoilios Caimbeul

£9.99

Rim faighinn

Hallaig, Eilean Ratharsair, 1854.

Tha fathannan ann gu bheil na daoine gu bhith air am fuadach. Le Seòras Rainy, an t-uachdaran, a’ cumail smachd teann orra le riaghailtean gun chiall, is gann an ùine a th’ aig muinntir an àite.

Tha Ruairidh air fhuadach gu Àrnais, far a bheil e a’ coinneachadh ri Iseabail, tè bhrèagha, bheothail, agus tha e airson a pòsadh.

Am faigh iad fuasgladh air riaghailt Rainy, nach eil e ceadaichte do dhaoine pòsadh? An urrainn dhaibh fuireach ann an Ratharsair? No a bheil raointean farsaing taobh eile an t-saoghail gan tàladh?

156 duilleag, paperback

Gheibhear leabhar-èisteachd an seo / An audiobook version is also available here.

Coimhead

Filmichean mun leabhar agus mar a chaidh a sgrìobhadh.

Am Briathrachan

157 facal is abairt às an leabhar, caibideil air chaibideil, gach fear le clàradh. Sgrìobhte do luchd-leughaidh is luchd-ionnsachaidh a tha ag obair tro na Gàidhlig.

Caibideil 1 20 faclan
gu dian
intensely
dh'aom
lowered
maor-gruinnd
ground officer
cas-chrom
a Highland spade, used to turn stony ground
stiallan
strips of cloth
gum biodh ceannach aige air
idiom: that it would cost him
sealbh
ownership
coitearan
cotters
aig roid
at great speed
min-sàibh
sawdust
an-iochdmhor
cruel/merciless
ruiteach
ruddy/rosy-cheeked
gu tàireil
contemptuously
tac
holding/tack
gaiseadh a' bhuntàta
potato famine
bolla mine
a boll of meal (114lbs)
Comunn Eilthireachd na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Highlands and Islands Emigration Society (HIES)
anail na uchd
idiom: out of breath
a' snaigheadh
paring/carving
ga ghonadh
paining/distressing him
Caibideil 2 5 faclan
beag air bheag
little by little
cha b' e ruith ach leum
Idiom: couldn't do it quickly enough
soirbh
easy
buidealair
butler
gabhail/gabhaltas
land rented from the landlord (not to be confused with a' gabhail - taking)
Caibideil 3 13 faclan
a' dol mun cuairt mar fhalaisg
Idiom: spreading like wildfire
ain-diadhaidh
ungodly
luaisgeanach
restless
toirmisgte
forbidden
crùisgeanan
oil lamps
foghainteach
brave/hardy of stature
monmhar
murmur
chaochail i leis an fhiabhras-bhreac
she died of typhoid
saothair an cuirp
bodily labour
a cheart cho…
just as…
a' gabhail sealbh air an fhearann
taking ownership of the land
slabhraidh
chain from which the kettle hung above the fire
laimrig
mooring/landing
Caibideil 4 8 faclan
dh'fheòraich
enquired
fàth a thurais
the reason for his trip
pladaig
a little blanket/shawl
àmraidh
cupboard
an t-sitig
outdoors/ the midden
cha bhi càil a dh'èis ort
you won't lack anything
an t-sèis
the wooden bench
socharach
shy
Caibideil 5 6 faclan
di-beathte
(you're) welcome
biota
butter churner
luath
ash
saoidhean
saithe
ucas
mature saithe
iasad de chorran
loan of a sickle
Caibideil 6 16 faclan
trosg
cod
langa
ling
liùgh
lythe
cainb
hemp
biathadh
bait
put
buoy
àircean
corks
eirmseachd
witticism
fleasgach
eligible bachelor
fàd
a slab of peat
làrna-mhàireach
the next day
mì-chiatach
improper
bhrist a' ghriùthrach a-mach
the measles broke out
cuarantain
quarantine
am fiabhras-dearg
scarlet fever
beò an dòchas
Idiom: strongly hopeful
Caibideil 7 9 faclan
air an fhalmadair
on the rudder
a' dannsa ri fhaileas
idiom: excited
easgann
eel
ceann-cropaig
stuffed fish head
sgolt
gutting of a fish
bha an t-acras ga tholladh
Idiom: he was starving
aig baile
Idiom: at home
gropag bìdh
a bite to eat
cràbhaidh
religious
Caibideil 8 8 faclan
inneir na bà
manure
fhiacais
good gracious
air an teine a thasgadh
had banked the fire
an glaic a chèile
embracing/hugging
a' brìodal
lovers' talk; flirting; caressing
a' gabhail an leabhair
worship
creathail
a cradle
ra mhnaoi
to his wife
Caibideil 9 4 faclan
fear-comhailtich
best man
dà bheathach mairt
two cows
a chridhe na bheul
his heart was in his mouth
rèiteach
betrothal
Caibideil 10 5 faclan
a' deoghal
sucking/taking in
air gèilleadh
had given in/surrendered
braoisg
grin
is treasa tuath na tighearna
the tenantry is stronger than a lord/laird
chaidh e timcheall leis a' bhuideal
he went round with the cask
Caibideil 11 12 faclan
guailleachan
shawl
cìrean
combs
brèid
woman's headdress, worn the morning after her marriage
spìonadh
pluck
feannadh
skin
maighdeannan
bridesmaids
barantas
guarantee
sgal
wail/blast (on the pipes)
stuama
modest
ealamh
swift/nimble
buaireasach
troublesome
ceannairc
rebellion
Caibideil 12 4 faclan
sitrich eich
neighing of a horse
mias
basin
smàl
up in flames; burnt out
sloc na dòrainn
depths of despair
Caibideil 13 4 faclan
dìoghaltas
revenge
chuir e òrrais air
it made him nauseous
siosacot
waistcoat
banachdach
vaccination
Caibideil 14 1 fhacal
capall dubh
black mare
Caibideil 15 15 faclan
othail
buzz/hubbub
neo-fhaicsinneach
invisible
breitheanas neo-aithnichte
unknown judgement
lainnear na grèine
sunrays
brataichean
flags
dà chuibhle-ràmh
two paddle wheels
luidhear
a tall dark funnel
a' sluaisreadh 's a' maistreadh
rushing and churning (of the sea)
croinn-smùide
steam cranes on board a ship
cargu
cargo
air a' bhòrd-beulaibh aca
on their starboard side
luchd
load/cargo
a' Chiad Mheata
the First Mate
gun fhosadh
without stopping
corra dhìol-dèirce
the occasional homeless person
Caibideil 16 8 faclan
sòghail
luxurious
bobhstairean connlaich
straw mattresses
cròthadh
herded/penned
a' bhuinneach-mhòr
cholera
acfhainn-luinge
ship's equipment, apparatus
cha bu dùraig dhaibh
they didn't dare to
caomhnadh Dhè
God's protection
cèaban
cabin
Caibideil 17 9 faclan
sheasadh iad ris a' mhaireachan
they'd lean against the bulwark
sgaoth phèileagan
a pod of porpoises
èisg-itealaich
flying fish
meadhan-chearcall an talaimh
Equator
cruithneachd
wheat
a' cur a-mach na loidhne
precenting (a Gaelic Psalm)
geinnean fiodha
wooden wedges
a' bocail mar each gun strian
jolting like a horse without reins
tuinneachadh
settled
Caibideil 18 1 fhacal
ghabh na teaghlaichean slàn le chèile
the families said goodbye to each other
Caibideil 19 2 faclan
rupan
auctions
cuibhreann fearainn
a portion of land
Caibideil 20 7 faclan
eòrna
barley
coirce
oats
truimeach air thearrach
topsy-turvy
àm a h-asaid
labour/childbirth
leabaidh-shiùbhla
bed when childbearing
seachranach
wanderer
criathar
sieve

Fiosrachadh

Cruth
Clò-bhog
Cànan
Gàidhlig
Meud
156 duilleagan
ISBN
978-1-78907-190-0
Còd bathair
1900

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig