This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
FEUCH FICSEAN - Fo Fhasgadh Beinn Chianabhail — còmhdach

FEUCH FICSEAN - Fo Fhasgadh Beinn Chianabhail

Leabhraichean-èisteachd

Le Mòrag Anna NicNèill

£5.00

Rim faighinn

Order Now!

Nuair a tha Coinneach a’ tilleadh chun an eilein às dèidh a bhith air falbh fad bhliadhnaichean, tha e an dùil beatha mhath a dhèanamh dha fhèin ann an seann taigh a sheanmhar. Ach chan fhada gus a bheil e a’ tuigsinn nach eil cùisean gu bhith cho furasta ’s a bha e an dùil. Chan eil sgeul air a’ choimhearsnachd bhig bhlàth air a bheil cuimhne aige, agus chan eil a h-uile duine ann am Baile a’ Chamais cho dèidheil air a’ choigreach a th’ air tighinn nam measg. Chan fhada cuideachd gus a bheil rudan neònach a’ tachairt dha, a tha ga fhàgail fo eagal is fo imcheist. Tha e air a bhuaireadh le trioblaidean, agus cuideachd le Ella bheag bhalbh, a tha beò ann an saoghal dhi fhèin is i a’ cur seachad a beatha a’ ruith nam monaidhean a’ lorg shìthichean. A bheil Coinneach a’ dol às a chiall, no a bheil sradag fìrinne anns na h-uirsgeulan os- nàdarrach a bhiodh e a’ cluinntinn aig a sheanmhair nuair a bha e beag? A rèir coltais, cha ghann na rùintean-dìomhair a tha Beinn Chianabhail a’ cleith.

Air a leughadh le Iain D. Urchardan.

Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.

Am Briathrachan

Tha briathrachan an leabhair seo air duilleag an leabhair chlò-bhuailte.

Rach gu FEUCH FICSEAN - Fo Fhasgadh Beinn Chianabhail

Fiosrachadh

Cruth
Leabhar-èisteachd
Cànan
Gàidhlig
Còd bathair
1917A

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 457 tiotalan

© 2026 Acair. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig