
FEUCH-FICSEAN - DEALAN-DÈ
Le Seonag Monk
£9.99
Rim faighinnLeis an Dàrna Cogadh air aire a’ mhòr-shluaigh, tha boireannach òg a’ leantainn a caraid gu tìr-mòr airson beatha agus fèin-aithne ùr a ghabhail, mar dhealan-dè, ’s i a’ fàgail a cochall às a dèidh.
Chan eil sgeul a-nis air Flòraidh chiallach à Barraigh; seo a-nis Laura chealgach à Dùn Èideann.
Tha i fhèin agus a caraid Lavinia a’ dol an lùib a’ chogaidh, le Lavinia a’ fosgladh sùilean Laura gu saoghal nas motha na Barraigh agus iad a’ dèanamh an slighe le chèile suas rangan an airm. A’ cur eòlas air rudan annasach mar garlic is gin, an tèatar agus an Savoy, tha Flòraidh beò ann an saoghal eile, ach an tig foill Laura am bàrr?
Agus cò dìreach a th’ ann an Lavinia Cavendish?
Gheibhear leabhar-èisteachd an seo / An audiobook version is also available here.Coimhead
Filmichean mun leabhar agus mar a chaidh a sgrìobhadh.
Am Briathrachan
228 facal is abairt às an leabhar, caibideil air chaibideil, gach fear le clàradh. Sgrìobhte do luchd-leughaidh is luchd-ionnsachaidh a tha ag obair tro na Gàidhlig.
Caibideil 1 27 faclan
Caibideil 2 33 faclan
Caibideil 3 16 faclan
Caibideil 4 30 faclan
Caibideil 5 27 faclan
Caibideil 6 26 faclan
Caibideil 7 10 faclan
Caibideil 8 11 faclan
Caibideil 9 8 faclan
Caibideil 11 11 faclan
Caibideil 12 11 faclan
Caibideil 13 7 faclan
Caibideil 14 10 faclan
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-bhog
- Cànan
- Gàidhlig
- ISBN
- 978-1-78907-214-3
- Còd bathair
- 2143