
Bàrdachd - Uilleam Iain Caimbeul
Le Uilleam Iain Caimbeul, Willie John Campbell agus Willie Teddy
£12.95
Rim faighinn“Chan e leabhar a tha seo a tha dìreach do mhuinntir an Rubha, ‘s e leabhar a th’ ann a bheir brosnachadh dhuinn uile aig a bheil faireachdainn làidir de dhìlseachd do ar cànan, ar cultar agus ar freumhan,” Seo mar a sgrìobh Mata MacÌomhair anns an ro-ràdh sa chruinneachadh thaitneach seo dhen bhàrdachd aig Willie John Caimbeul. Tha òrain de gach seòrsa againn an seo – òrain gaoil, òrain molaidh, òrain cianalais agus òrain èibhinn eirmseach. Tha iad uile air an sgriobhadh le bàrd baile aig a bheil liut air leth. ‘S e mìorbhail a th’ ann gu bheil iad againn a-nis ann an aon leabhar, glèidhte airson ginealach ùr a bhith gan gabhail.
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-bhog
- Cànan
- Dà-chànanach
- Meud
- 102 duilleagan
- ISBN
- 978-1-78907-014-9
- Còd bathair
- W0149