
Sreathan anns a' Ghainmhich
Le Dòmhnall Eachann Meek agus Donald E. Meek
£11.99
Rim faighinnAnns an leabhar seo gheibh sibh taghadh de na rannan ‘s na sreathan a rinn Dòmhnall Meek air iomadach cuspair a tha a’ buntainn ri a bheatha fhèin, eadar Tiriodh tro na bliadhnachan, coimhearsnachdan an eilein, a’ Ghàidhlig, a’ Ghàidhealtachd, càirdean is co-luchd-obrach, daoine is creutairean, dùthchasaich is coigrich, agus an saoghal mòr neònach anns a bheil sinn uile beò an-diugh.
Tha iomadh gleus anns na rannan. Tha iad uaireannan sòlamaichte, uaireannan èibhinn, uaireannan brònach, agus uaireannan magail, mar a fhreagras air sealladh Dhòmhnaill. Tha Dòmhnall air a dhòigh nuair a bhios e na shuidhe air an t-seann tractor Ferguson a tha fhathast beò slàn air a’ chroit ann an Tiriodh – ‘Feargaidh mo ruin-sa’, mar a tha aige fhèin air ann an ‘òran-gaoil’ san leabhar seo.
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-bhog
- Cànan
- Gàidhlig
- Meud
- 268 duilleagan
- ISBN
- 978-0-86152-411-2
- Còd bathair
- 4112