This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile — còmhdach

An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile

Le Mòrag Anna NicNèill

£11.99

Rim faighinn

Seo a’ chiad chruinneachadh sgeulachdan do dh’inbhich bho sgrìobhadair a tha air a comasan a dheagh dhearbhadh a-cheana ann am ficsean na h-òigridh.

Coinnichidh sinn ri sgaoilteach mhath charactaran is iad mu choinneamh shuidheachaidhean – nàdarra is os-nàdarra – a bheir orra fhèin is oirnne ceistean fhaighneachd mu cheartas is fìrinn. Cò aig nach biodh co-fhaireachadh ri Peigi san dachaigh-chùraim is cò againn a chaill barrachd na foighidinn aig àm na Nollaige? Saoil an do dh’fhiosraich no an do dh’inns sinn rud riamh nach creideadh càch, a-muigh no a-mach, ACH...?

Tha na cuspairean seo air an cur far comhair gu snasail le Mòrag Anna NicNèill tro ghuthan làidir, tarraingeach agus ann an Gàidhlig ghrinn bhlasta. Bheir iad tlachd do shean is òg; ’s ann a bhios miann agaibh air tuilleadh.

Màrtainn Mac an t-Saoir

Fiosrachadh

Cruth
Clò-bhog
Cànan
Gàidhlig
Meud
114 duilleagan
ISBN
978-1-78907-019-4
Còd bathair
W0194

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig