
An Sgoil Dhubh
Le Iain F. Macleòid
£11.99
Rim faighinnTha an Rìgh marbh, na Draoidhean a-nis a' riaghladh agus tha duine sam bith a bhruidhneas nan aghaidh a' dol à sealladh gun sgeul orra tuilleadh. Tha eagal is mì-chinnt air an t-sluagh agus ainm ri chluinntinn nach cualas fad iomadach ginealach: An Sgoil Dhubh.
Air eilean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a' tachairt air dithis strainnsear air a' mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur agus ga thoirt tro chunnart is tro chogadh air an t-slighe a bha an dàn dha linntean mus do rugadh e.
Tha Iain F. MacLeòid gar stiùireadh le sgil an fhìor-sgeulaiche feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iongantach ach fhathast freumhaichte ann an draoidheachd is gaisgeachd nan seann uirsgeul.
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-bhog
- Cànan
- Gàidhlig
- Meud
- 152 duilleagan
- ISBN
- 978-1-78907-211-2
- Còd bathair
- 2112