
Turas
Le Iain D. Urchardan
£10.00
Rim faighinnAir ainmeachadh air Liosta-fhada Duais Leabhair na Gàidhealtachd 2023!
‘Dh'èirich mo dhàin bhom àirnean 's bhom inntinn - à cridhe a tha Gàidhlig, à dùthchas bhlàth, chinnteach.’
Chan e smuaintean Iain a-mhàin a tha rim faicinn sa chruinneachadh seo, cluinnear cuideachd buillean làidir a chridhe sna dàin aige. Tha an cruinneachadh a’ cur chuspairean a tha fìor chudromach dha fon phrosbaig. Is iad sin eachdraidh a shluaigh ’s a bheath’-eachdraidh fhèin, a’ Ghàidhlig is dualchas Gàidhealach a shinnsirean, poilitigs is ceistean sòisealta, agus cuspair a tha air a bhith sònraichte na bheatha – slàinte.
Thogadh Iain D. Urchardan ann am Bòirseam, na Hearadh. Cheumnaich e le Urram à Sgoil Ealain Ghlaschu agus à Oilthigh Obar Dheathain. Tha e pòsta aig Muireall ’s tha triùir chloinne aca: Mairead, Eòin is Sìleas. Eadar 1997-2010 bha Iain na Mhinistear Paraiste. An-diugh tha e na Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig ’s na phreasantair air pod-chraolaidhean a leithid ‘Beag air Bheag’ is ‘SpeakGaelic’. Tha dà leabhar dhe na sgeulachdan goirid aig Iain an clò: Breab, Breab, Breab (2017) agus Air an Oir (2020). Choisinn Turas, a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd aige, Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2019.
Gheibhear leabhar-èisteachd an seo / An audiobook version is also available here.
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-bhog
- Cànan
- Gàidhlig
- Meud
- 152 duilleagan
- ISBN
- 978-1-78907-136-8
- Còd bathair
- 1368