This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
Turas — còmhdach

Turas

Leabhraichean-èisteachd

Le Iain D. Urchardan

£5.00

Rim faighinn

Iain D. Urchardan a' leughadh an leabhar ùr aige de cruinneachadh bárdachd, Turas.

‘Dh’èirich mo dhàin bhom àirnean ‘s bhom inntinn – à cridhe a tha Gàidhlig, à dùthchas bhlàth, chinnteach.’

Chan e smuaintean Iain a-mhàin a tha rim faicinn sa chruinneachadh seo, cluinnear cuideachd buillean làidir a chridhe sna dàin aige. Tha an cruinneachadh a’ cur chuspairean a tha fìor chudromach dha fon phrosbaig. Is iad sin eachdraidh a shluaigh ’s a bheath’-eachdraidh fhèin, a’ Ghàidhlig is dualchas Gàidhealach a shinnsirean, poilitigs is ceistean sòisealta, agus cuspair a tha air a bhith sònraichte na bheatha – slàinte.

Thogadh Iain D. Urchardan ann am Bòirseam, na Hearadh. Cheumnaich e le Urram à Sgoil Ealain Ghlaschu agus à Oilthigh Obar Dheathain. Tha e pòsta aig Muireall ’s tha triùir chloinne aca: Mairead, Eòin is Sìleas. Eadar 1997-2010 bha Iain na Mhinistear Paraiste. An-diugh tha e na Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig ’s na phreasantair air pod-chraolaidhean a leithid ‘Beag air Bheag’ is ‘SpeakGaelic’. Tha dà leabhar dhe na sgeulachdan goirid aig Iain an clò: Breab, Breab, Breab (2017) agus Air an Oir (2020). Choisinn Turas, a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd aige, Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2019.

Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.

Seo dhuibh blasad bhon leabhar èisteachd. Seo 'Obair Samhraidh, 1965'.

Coimhead

Filmichean mun leabhar agus mar a chaidh a sgrìobhadh.

Fiosrachadh

Cruth
Leabhar-èisteachd
Cànan
Gàidhlig
Còd bathair
A368

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 457 tiotalan

© 2026 Acair. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig