This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair — còmhdach

Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair

Le Dòmhnall Alasdair

£6.99

Rim faighinn

Rugadh Dòmhnall Alasdair an 1919 an Garrabost, an sgìre An Rubha an Eilean Leòdhais, far an robh a dhachaigh airson trì fichead bliadhna mus do ghluais e a Steòrnabhagh.

Thàinig Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair a-mach an 1999. Bha leithid de dh'fhèill air an leabhar agus gu bheil Acair a-nis a' foillseachadh Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair.

Tha na sgeulachdan mar a tha a' bhàrdachd - grinn agus ealanta. Tha iad air an snaigheadh teann, gun mòran leudachadh air facail, agus ceist no earball an cois gach tè. Tha e gad tharraing a-steach annta on fhior thoiseach agus cha leig e às thu gus am freagair thu dhut fhèin a' cheist aig deireadh na sgeòil, no co-dhiù gus an smaoinich thu air brìgh nan sgeul.

Ged a tha smaoin dhomhainn an cois gach sgeòil, tha an sgrìobhadh anns a bheil an smaoin air a suidheachadh gu math èibhinn.

Fiosrachadh

Cruth
Clò-bhog
Cànan
Gàidhlig
ISBN
978-0-86152-721-2
Còd bathair
7212

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig