This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
Seachdain Seunta — còmhdach

Seachdain Seunta

Leabhraichean-èisteachd

Le Cathy Mary Nic A' Mhaoilein

£0.00

Rim faighinn

Dhùin Eilidh a sùilean agus chaidh a h-uile càil sàmhach mun cuairt oirre. An ceann tiotan, dh’fhairich i blàths na grèine, chual’ i fuaim nan tonn, agus dh’fhairich i fàileadh na mara. “Fosgail do shùilean a-nis,” chagair Pàdraig.  

Aig toiseach saor-làithean an t-samhraidh tha Eilidh tàmailteach gu bheil a’ chlann-nighean uile air falbh air saor-làithean ann an àiteachan inntinneach. Chan eil air fhàgail sa bhaile ach na balaich. Agus cha bhi Eilidh uair sam bith a’ cluich còmhla ri “balaich bheaga, bhrogach”. Ach tha i fhèin agus a cù, Peasan, a’ coinneachadh ri Pàdraig, balach beag annasach, agus iad a’ tuiteam tro thìm ann an iomadh dàn-thuras ann an seachdain seunta. An dùil an ionnsaich Eilidh a bhith beagan nas dòigheile agus nas fhoighidnich le balaich bheaga, bhrogach?

Air a leughadh le Shona Nic a’ Mhaoilein.

Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.

Fiosrachadh

Cruth
Leabhar-èisteachd
Cànan
Gàidhlig
Còd bathair
A2136

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

Acair

Acair, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 457 tiotalan

© 2026 Acair. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig