
Èiginn Ùisdein
Leabhraichean-èisteachd
Le Mòrag Anna NicNèill
£0.00
Rim faighinnShuas air a’ mhonadh, ann an gleann uaine air a bheil Àirigh a’ Mhadaidh-ruaidh, tha sionnach beag air a bheil Ùisdean a’ fuireach. Ach tha rùn-dìomhair aige a tha a’ dèanamh a bheatha gu math doirbh agus a theaghlach gu math feargach – cha toil leis feòil!
Nuair a tha Ùisdean a’ cluinntinn na tha fa-near dha phàrantan airson leasan ionnsachadh dha, chan eil dol às aige ach teiche. Tha an dàna-thuras a tha a’ leantainn ga thoirt gu àiteachan annasach, far a bheil e a’ coinneachadh ri caractaran a tha a cheart cho annasach ris fhèin. Mu dheireadh, tha e a’ lorg àite dha fhèin san t-saoghal, agus a’ tuigsinn gu bheil e ceart gu leòr a bhith eadar-dhealaichte.
Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.
Fiosrachadh
- Cruth
- Leabhar-èisteachd
- Cànan
- Gàidhlig
- Còd bathair
- 2181A