
Èiginn Ùisdein
Le Mòrag Anna NicNèill
£7.95
Rim faighinnShuas air a’ mhonadh, ann an gleann uaine air a bheil Àirigh a’ Mhadaidh-ruaidh, tha sionnach beag air a bheil Ùisdean a’ fuireach. Ach tha rùn-dìomhair aige a tha a’ dèanamh a bheatha gu math doirbh agus a theaghlach gu math feargach – cha toil leis feòil!
Nuair a tha Ùisdean a’ cluinntinn na tha fa-near dha phàrantan airson leasan ionnsachadh dha, chan eil dol às aige ach teiche. Tha an dàna-thuras a tha a’ leantainn ga thoirt gu àiteachan annasach, far a bheil e a’ coinneachadh ri caractaran a tha a cheart cho annasach ris fhèin. Mu dheireadh, tha e a’ lorg àite dha fhèin san t-saoghal, agus a’ tuigsinn gu bheil e ceart gu leòr a bhith eadar-dhealaichte.
Gheibhear leabhar-èisteachd saor an-asgaidh an seo / A free audiobook version is also available here.
96 duilleag
Fiosrachadh
- Cruth
- Clò-bhog
- Cànan
- Gàidhlig
- Meud
- 96 duilleagan
- ISBN
- 978-1-78907-218-1
- Còd bathair
- 2181