This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
CRANN-FÌGE — còmhdach

CRANN-FÌGE

Le Donnchadh MacGillÌosa agus Duncan Gillies

£10.95

Rim faighinn

BUANNAICHE DUAIS CHOMANN GÀIDHEALACH LUNNAINN AIG NA DUAISEAN LITREACHAIS 2023 AGUS DUAIS LEABHAR NA GAIDHEALTACHD 2022!

‘Written with confidence and assurance in both Gaelic and English, these short stories have a timeless quality.  These light, subtle stories gel to form a cohesive whole, depicting Gaelic culture when it too was whole.’

- Mark Wringe, Senior Lecturer in Gaelic Language and Culture at Sabhal Mòr Ostaig, University of the Highlands and Islands

Cruinneachadh sgeulachdan làidir, brìoghmhor eile bho ùghdar Tocasaid ’Ain Tuirc. Coltach ri sgeulachdan na Tocasaid, a tha a’ togail ceann sa chruinneachadh seo cuideachd, ach lem blas is lem beatha fhèin. Tha feadhainn dhiubh suidhichte ann an Leòdhas san linn a chaidh, agus feadhainn suidhichte ann an àiteachan eile. Ach ge bith càite, eadar Nis agus Nèamh, tha iad uile air an innse ann an guth tarraingeach, dealbhach a tha a’ cur diomb leanaibh an cèill a cheart cho soilleir, fìor ’s a bheir e thugainn aithreachas boireannaich, no fiamh bodaich.

’S ann às a’ Chnoc Àrd ann an Nis a tha Donnchadh MacGillÌosa, an ceann-a-tuath Leòdhais. Seo an ceathramh cruinneachadh de sgeulachdan goirid aige air fhoillseachadh, agus a’ chiad leabhar leis far a bheil a’ Ghàidhlig is a’ Bheurla còmhla, taobh ri taobh.

Fiosrachadh

Cruth
Clò-bhog
Cànan
Dà-chànanach
Meud
160 duilleagan
ISBN
978-1-78907-125-2
Còd bathair
1252

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig