This is Acair's new website, it is currently under development and should not be used to buy anything. Continue shopping on the live site

← Air ais gu na leabhraichean
CEUM — còmhdach

CEUM

Leabhraichean-èisteachd

Le Iain D. Urchardan

£5.00

Rim faighinn

Thogadh Iain D. Urchardan ann am Bòirseam, sna Hearadh. Cheumnaich e à sgoil Ealain Ghlaschu (1988) ’s à Oilthigh Obar Dheathain (1996). Eadar 1997-2010, bha Iain na Mhinistear Paraiste. Tha e a-nis na Òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, na chraoladair agus na eadar-theangair.

Ann an 2013, thòisich Iain a’ sgrìobhadh gu cunbhalach. Tha dà leabhar de sgeulachdan-goirid aige an clò: Breab, Breab, Breab (2017) agus Air an Oir (2020). Ann an 2019 choisinn TURAS, a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd aige, Duais Dhòmhnaill Meek aig na Duaisean Litreachais. Ann an 2023 bhuannaich CEUM, an dàrna cruinneachadh de bhàrdachd aige, am prìomh dhuais airson ‘Làmh-sgrìobhainn as fheàrr do dh’inbhich aig na Duaisean Litreachais. Tha Iain pòsta aig Muireall ’s tha triùir chloinne aca: Mairead, Eòin agus Sìleas.

Faodaidh sibh an leabhar a cheannach an seo / Buy the paperback version here.

Fiosrachadh

Cruth
Leabhar-èisteachd
Cànan
Gàidhlig
Còd bathair
2150A

Dh’fhaodadh gum bu toil leat cuideachd

  • CEUM

    Iain D. Urchardan

    £10.00

Acair

Acair Earranta, An Tosgan, 54 Rathad Shìphoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

01851 703020

Catalog de 454 tiotalan

© 2026 Acair Earranta. Carthannas clàraichte ann an Alba.

Bòrd na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig